Clachan Graveyard Mapping Project

Interactive map


Tha am mapa seo na riochdachadh a-mhàin de Chladh a’ Chlachain, no Cladh Ma-Ruibhe mar a tha aig feadhainn air. Mar thoradh air stiùiridhean mu làraichean a tha air an clàradh mar àiteachan sònraichte, cha deach sgrùdadh fo-thalamh a dhèanamh aig an ìre seo. Ach tha am mapa a’ sealltainn far a bheil na clachan-uaighe a’ nochdadh anns a’ chladh. Tha na h-àireamhan a’ riochdachadh dhaoine a tha anns an stòr-dàta againn. Tha gach ceart-cheàrnach gorma na clach-uaighe, is tha na h-àireamhan ri an taobh a’ liostadh na feadhna a tha air an cuimhneachadh air a’ chlach-uaighe. Tha na cearcaill ghorma far a bheil sinn cinnteach gu bheil daoine eile nan làighe ach far nach eil clach-uaighe ann; fhuaras fiosrachadh bho thraidisean, no bho liost’ a chùm Comhairle na Gàidhealtachd. Ma ghluaiseas tu do luchag thairis air àireamh, bu chòir dhut bogsa beag fhaicinn agus faodaidh tu sinn a chliogadh airson barrachd fiosrachaidh fhaotainn.